Mo Dhòmhnallan Fhèin - Julie Fowlis
Nuair chruinnicheas an òigridh
Gu mire 's gu sòlas
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus
A' cuimhneachadh còmhradh
An fhleasgaich a leòn mi
'S an gaol thug mi òg do
Mo dhòmhnallan fhèin
Bidh m' athair 's mo mhàthair
Ri gearain 's ri cràmhan
A' cantainn nach fheàrr mi
Na pàiste gun chèill
Mo ghaol thoirt a dh'òigfhear
Bhios daonnan a' seòladh
'S a sgaoileas a stòras
Gun ghò ris gach tè
Nuair thachradh an còmhlan
Sa chlachan didòmhnaich
Nam measg cha robh òigfhear
Cho còmhnard na cheum
Cho beusail na chòmhradh
Cho fearail na dhòighean
Bhiodh sùil aig gach òigh air
Mo dhòmhnallan fhèin
Tha dualagan bòidheach
Dhed chuailean nam phòca
Do dhealbh air a còmhdach
Le òr ann an cèis
Do shùilean cho beò leam
Do ghruaidh mar na ròsan
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo dhòmhnallan fhèin
Tha bliadhn' agus còrr bhon
A thriall e o eòlas
'S tha ìomhaigh cho beò leam
'S ged sheòladh e 'n‑dè
Cha ghèill mi do dh'òigfhear
'S cha chèill mi na bòidean
No 'n gaol a thug mi òg do
Mo dhòmhnallan fhèin