Language of the Gaels - Dan ar Braz

Dan ar Braz

专辑:《Celtic Myst Top 100》

更新时间:2025-03-03 16:36:09

文件格式:mp3

网盘下载

Language of the Gaels - Dan ar Braz 歌词

Language of the Gaels - Dan ar Braz

Cha b' e sneachda 's an reòthadh bho thuath

Cha b' e 'n crannadh fuar bho 'n ear

Cha b 'e 'n uisge 's an gailleon bho 'n iar

Ach an galair a bhlean bho 'n deas

Blàth duilleach stoc agus freumh

Canan mo threubh 's mo shluaidh

Thig thugainn thig co-rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn

Thig thugainn thig co-rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal

Uair chite fear-feilidh 'sa ghleann

Bu chinnteach gur gàidhlig a chainnt

Ach spion iad a fhreumh as an fhonn

'N aite gàidhlig tha canan a Ghoill

'S a Ghaidhealtachd creadhal-nan-sonn

'S tir mhajors is cholonels 'n diugh th' innt'

Thig thugainn thig co-rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn

Thig thugainn thig co-rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal

Far a nuas dhuinn na coinnleirean òir

'S annt' caraibh coinlean geal ceir

Lasaibh suas iad an seòmair bhroin

Tìgh-'aire seann chanan a' Ghae'l

'S sud o chionn fhad' thuirt a namh

Ach fhathast tha beò canan a' Ghae'l

Thig thugainn thig co-rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn

Thig thugainn thig co-rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal

Ged theich i le beath' as na glinn

Ged 's gann an diugh chluinntear i nis mo

O Dhuthaich MhicAoidh fada tuath

Gu ruig thu Druim-Uachdar nam bo

Gigheal dhi na Eileanan Siar

'S i fhathast ann ciad chainnt an t-sloigh

Thig thugainn thig co-rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn

Thig thugainn thig co-rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal

Thig thugainn thig co-rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn

Thig thugainn thig co-rium gu siar

Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal