Oran Nan Raiders - Julie Fowlis

Julie Fowlis

专辑:《Cuilidh》

更新时间:2025-02-13 16:11:39

文件格式:mp3

网盘下载

Oran Nan Raiders - Julie Fowlis 歌词

Oran Nan Raiders - Julie Fowlis

Lyrics by:Traditional

Composed by:Traditional

O's ann tha na diùlnaich thall

Air an taobh ud dhen a' Bheinn

Fhuair iad fearann ann gun taing

Bhon an aingidh rinn am mealladh

O's ann tha na diùlnaich thall

Fhad 's a bhios an linn seo beò

Bidh cuimhn' air cainnteanas Lloyd George

Gheall na fearann do na seòid

Ach na thill beò dhiubh 's mòr an gearain

O's ann tha na diùlnaich thall

'S nuair a thuig na gillean còir

Gun robh an Government fo sgleò

'S nach robh cainnteanas Lloyd George

Ach mar cheò a' falbh à sealladh

O's ann tha na diùlnaich thall

Chruinnich iad is fhuair iad pìob

'S am port a chluich iad Morair Sìm

'S cha robh fear a bha san sgìr'

Nach robh cruinn aig roinn an fhearainn

O's ann tha na diùlnaich thall

Thàinig Raghnall le mòr‑uaill

Le each 's le ghunna dol mun cuairt

'S gann a bhruidhneadh e le gruaim –

Thug e 'n dualchas ud bho sheanair

O's ann tha na diùlnaich thall

An Dotair Moireach suas a chliù

Faic mar thagair e sa chùis

Thug e mach iad às an tùr

Gu an saors' a dheòin 's a dh'aindeoin

O's ann tha na diùlnaich thall

Sguiridh mise nis dhem dhàn

'S e mo dhùrachd sibh bhith slàn

Le bhur sabhail mhòra làn

Leis a' ghràn gu àird nan sparran

O's ann tha na diùlnaich thall

Air an taobh ud dhen a' Bheinn

Fhuair iad fearann ann gun taing

Bhon an h-aingidh rinn am mealladh

O's ann tha na diùlnaich thall